Plana na Comhairle agus Plana Com-pàirteachais bho 2023

Plana na Comhairle agus Plana Com-pàirteachais bho 2023

’S e fìor dheagh àite a th’ ann an Inbhir Chluaidh airson a bhith ag obair agus a’ fuireach ann agus airson a bhith a’ tadhal air. Tha tòrr a bharrachd ann a tha sinn airson dèanamh cuideachd gus a dhèanamh nas fhèarr buileach agus gus piseach a thoirt air beatha nan coimhearsnachdan uile againn.

Tha sinn a’ cruthachadh Plana Comhairle ùr agus Plana Com-pàirteachais ùr a ruitheas bho 2023.

Tron Phlana Com-pàirteachais aig com-pàirtichean Caidreachas Inbhir Chluaidh, bithear ag obair còmhla a dh’ionnsaigh amasan coitcheann, le fòcas air dèiligeadh ri neo-ionannachdan agus luach a bharrachd tro obair com-pàirteachais. Tha Caidreachas Inbhir Chluaidh a’ gabhail a-steach buidhnean san roinn phoblaich, san roinn shaor-thoileach agus gnìomhachasan.

Tha Plana na Comhairle a’ mìneachadh mar a dh’obraicheas Comhairle Inbhir Chluaidh, dè na prìomhachasan a bhios aice, agus mar a bheir i taic do lìbhrigeadh a’ Phlana Com-pàirteachais.

Gu ruige seo, ann a bhith a’ cruthachadh nam planaichean ùra seo, tha sinn air sùil a thoirt air na rudan a tha muinntir an àite air a ràdh a tha cudromach dhaibh. Tha sinn cuideachd air beachdachadh air rannsachadh air Inbhir Chluaidh, a bharrachd air stiùireadh agus reachdas nàiseanta.

A’ gabhail a-steach seo uile tha sinn air dreachd phrìomhachasan a chruthachadh airson Comhairle Inbhir Chluaidh agus Com-pàirteachas Caidreachas Inbhir Chluaidh. Bu mhath leinn a-nis beachdan fhaighinn orra seo.  

Faodaidh tu a dhol an sàs ann an co-dhùnaidhean ionadail agus innse dhuinn dè a tha cudromach dhut le bhith

  • A’ lìonadh an t-suirbhidh Smart Survey air-loidhne againn https://www.smartsurvey.co.uk/s/LOIP2023/ (Tha ceangal ris an t-suirbhidh anns an roinn Other Website air an làimh dheis)
  • A’ frithealadh fear de na tachartasan èisteachd didseatach air-loidhne againn
  • AGUS/NO le bhith a’ frithealadh fear de na Còmhraidhean Coimhearsnachd againn ann am Port Ghlaschu no ann an Talla a’ Bhaile, Ghrianaig
  • Le bhith a’ cur post-d gu Corporate.Policy@inverclyde.gov.uk (tha liosta de na ceistean co-chomhairleachaidh ri faighinn san earrainn Documents)
  • Bidh an dà chuid lethbhreacan didseatach agus pàipeir rim faighinn san leabharlann agus ionad coimhearsnachd ionadail agad le taic bho neach-obrach ma bhios feum air seo.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh agus is urrainn dhut clàradh tro https://www.smartsurvey.co.uk/s/LOIP2023/ (a’ cleachdadh a’ cheangail san earrainn Other Website air an taobh dheas)

Bidh a’ cho-chomhairle a’ ruith bho 25 Lùnastal gu 25 Sultain.

Cruinnichidh sinn na freagairtean co-chomhairleachaidh gu lèir agus nì sinn aithisg. Bidh seo ri fhaighinn air an làraich-lìn againn. Thèid seo a chleachdadh an uair sin le com-pàirtichean Caidreachas Inbhir Chluaidh nuair a nì iad co-dhùnadh mun Phlana Com-pàirteachais agus nuair a nì Buill Thaghte co-dhùnadh air Plana na Comhairle. Thèid na planaichean deireannach aontachadh agus fhoillseachadh sa Mhàrt agus sa Ghiblean 2023. Bheir sinn aithisgean seachad an uair sin air an adhartas againn mu choinneamh nam planaichean sin.

Cumaidh agus cleachdaidh sinn am fiosrachadh a bheir thu dhuinn a rèir poileasaidh dìon dàta Comhairle Inbhir Chluaidh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig: Poileasaidh Dìon Dàta - Comhairle Inbhir Chluaidh.

Chaidh an duilleag ùrachadh mu dheireadh: 26 Lùnastal 2022