Shape the future of Gaelic in Inverclyde
Shape the future of Gaelic in Inverclyde / Thoir buaidh air cor na Gàidhlig ann an Inbhir Chluaidh san àm ri teachd
A CONSULTATION is being launched for Inverclyde residents to help shape the future of Gaelic language delivery in the area.
The council is inviting people to have their say on a proposed new five-year plan aimed at sustaining and developing the language locally.
The draft Inverclyde Gaelic Language Plan for 2022-27 has been produced taking into account three key themes of: increasing the use; increasing the learning; and promoting a positive image of Gaelic.
A public consultation period starts on Friday 29 October 2021 and will run for six weeks to allow residents to have their say on the proposals.
Councillor Stephen McCabe, leader of Inverclyde Council and convener of policy and resources, said: “As a council, we recognise Gaelic as an official language of Scotland and afford it equal respect with the English language.
“We already have an excellent Gaelic offering here in Inverclyde, most notably through the excellent Gaelic medium education delivered at Whinhill Primary in Greenock, but we’re always striving to improve and do more.
“The new five-year plan sets out our aims and ambitions around that but it’s vitally important that residents are involved in that process and have their say and I encourage as many people as possible to take part in the consultation.”
The deadline for submissions is Friday 10 December 2021.
Feedback received will be used to shape the final draft plan, which will be presented to the council's policy and resources committee in February 2022, prior to being submitted for final consideration to Bòrd na Gàidhlig, the principal public body in Scotland responsible for promoting Gaelic development.
To take part in the consultation and for more information, visit www.inverclyde.gov.uk/gaelicplan
Thoir buaidh air cor na Gàidhlig ann an Inbhir Chluaidh san àm ri teachd
Thathar a' cur CO-CHOMHAIRLE air dòigh do mhuinntir Inbhir Chluaidh gus iarraidh orra buaidh a thoirt air lìbhrigeadh sheirbheisean Gàidhlig san sgìre aca.
Tha a’ chomhairle ag iarraidh air daoine am beachdan a thoirt seachad air plana còig bliadhna ùr a tha ag amas air an cànan a ghleidheadh is a leasachadh gu h-ionadail.
Chaidh an dreach Plana Gàidhlig aig Inbhir Chluaidh airson 2022-27 a sgrìobhadh a' toirt feart air trì cuspairean: a’ cur ri cleachdadh; a’ cur ri ionnsachadh, agus a’ brosnachadh ìomhaigh na Gàidhlig.
Tòisichidh a’ cho-chomhairle phoblach air Dihaoine 29 Dàmhair 2021 agus ruithidh i fad sia seachdainean gus am bi cothrom aig muinntir an àite am beachdan a thoirt seachad air na molaidhean.
Thuirt an Comhairliche Stephen McCabe, Ceannard Comhairle Inbhir Chluaidh agus neach-gairm poileasaidh is ghoireasan: "Mar chomhairle tha sinn ag aithneachadh Gàidhlig mar chànan oifigeil na h-Alba agus a’ toirt co-ionnanachd spèis leis a’ Bheurla dhith.
“Tha tairgse Ghàidhlig fìor mhath againn an seo ann an Inbhir Chluaidh, gu sònraichte tron t-sàr fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thathar a’ toirt seachad ann am Bun-sgoil Cnoc a’ Chonaisg ann an Grianaig, ach bidh sinn daonnan a’ feuchainn ri bhith a’ toirt piseach air cùisean agus a bhith a’ dèanamh barrachd.
“Tha am plana còig-bliadhna ùr a’ mìneachadh nan amasan agus miannan a thaobh sin ach tha e air leth cudromach gum bi luchd-còmhnaidh na sgìre an sàs anns a’ phròiseas sin agus a’ toirt seachad am beachdan agus tha mi a’ brosnachadh a h-uile duine gus pàirt a ghabhail sa cho-chomhairle. ”
Is e an ceann-latha mu dheireadh airson freagairtean Dihaoine 10 Dùbhlachd 2021.
Thèid fios air ais a gheibhear a chleachdadh gus cumadh a thoirt air an dreachd phlana dheireannach, a thèid a thoirt do chomataidh poileasaidh is ghoireasan na comhairle sa Ghearran 2022, mus tèid a chur gu Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba le uallach airson leasachadh Gàidhlig a bhrosnachadh, airson beachdachadh deireannach.
Gus pàirt a ghabhail sa cho-chomhairle, tadhail air www.inverclyde.gov.uk/yoursay agus airson barrachd fiosrachaidh mun cho-chomhairle, rach gu www.inverclyde.gov.uk/gaelicplan